Account
Leabhraichean ann an Gàidhlig - Books in Gaelic
Tha Leabharlannan Ghlaschu ag amas air ar cruinneachaidhean Gàidhlig a leasachadh gus taic a chur ri feumalachdan leughaidh is ionnsachaidh an dà chuid luchd-labhairt dùthchasach agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh a’ bhaile.
Glasgow Libraries aim to develop our Gaelic collections to support the reading and learning needs of both native Gaelic speakers and learners across the city.
Tha leabhraichean ann an Gàidhlig againn do chlann agus do dhaoine òga, a’ cur taic ri clann agus pàrantan nan cuid ionnsachaidh. Tha sinn a’ solarachadh raon de stuth leughaidh co-aimsireil agus traidiseanta do dh’inbhich agus do chlann. Gheibhear cothrom orra sin tron chatalog againn agus gheibh sibh air an togail ann an leabharlann de ur roghainn fhèin.
We provide books in Gaelic for children and young people, supporting children and parents in their learning. We provide a range of contemporary and traditional reading material for adults and children. These are accessible through our catalogue and can be delivered to you at your library of choice.
The Mitchell Library holds a wide range of historical and contemporary resources including the Scottish fiction collection, music and research collections such as the Scottish Poetry Collection, Church History, and Glasgow City Archives. Leisure and Lifestyle on the ground floor has a range of modern Gaelic reading materials for lending.
Tha Leabharlann Mitchell a’ cumail raon farsaing de stòrasan eachdraidheil agus co-aimsireil a’ gabhail a-steach cruinneachadh de fhicsean Albannach, ceòl agus cruinneachaidhean rannsachaidh leithid a’ Chruinneachaidh Bàrdachd Albannach, Eachdraidh na h-Eaglaise, agus Tasglannan Baile Ghlaschu. Tha raon farsaing de stuthan leughaidh Gàidhlig nua-aimsireil air iasad aig Cur-seachadan is Dòigh-beatha air an làr ìosal.
eLeabhraichean - eBooks
Luchdaichibh sìos eLeabhraichean ann an Gàidhlig an-asgaidh.
Download eBooks in Gaelic for free.
Bookbug ann an Gàidhlig - Bookbug in Gaelic
Tha tachartasan Bookbug an-asgaidh, càirdeil agus loma-làn spòrs fad seiseanan de 30 mionaid do phàrantan agus luchd-cùraim gus tlachd a ghabhail à òrain, sgeulachdan agus rannan còmhla ri an leanabain, pàistean òga agus clann ro-sgoile.
Bookbug events are free, friendly and fun-filled 30 minute sessions for parents and carers to enjoy with babies, toddlers and pre-schoolers involving song, stories and rhymes.
Tha am prògram Bookbug ri fhaotainn cuideachd ann an Gàidhlig, thoiribh sùil air an làrach-lìn airson fiosrachadh.
Our Bookbug programme is also available in Gaelic, please check the website for details.
Faighibh a-mach mu dheidhinn agus iasad de na leabhraichean a bhithear a’ cleachdadh aig tachartasan Bookbug.
Discover and borrow the books used at Bookbug events.
Glaschu Beò - Glasgow Life
Is e àrd-amas baile Ghlaschu gum bi coimhearsnachd Ghàidhlig bheòthail shoirbheachail sa bhaile a bhios fosgailte do na h-uile.
Glasgow’s ambition is to have a vibrant, thriving Gaelic community, open to all.
Cuiribh fios thugainn - Contact us
Tha sinn a’ cur fàilte air ais-fhiosrachadh bho luchd-cleachdaidh nan leabharlann againn.
Cuiribh fios thugainn a dh’innse dhuinn a bheil sibh riaraichte no a bheil sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach.
We welcome feedback from library users.
Contact us to let us know how we are doing or if you want to find out more.